An Ròn (The Seal) / Ann an Caolas Od Odram [In the Narrow of Od Odram]歌词
作曲 : Anne Lorne Gillies
[An ròn:]
“Mise nighean Rìgh-fo-Thuinn
Fuil nan rìghrean na mo chrè -
Ged a chì sibh mi nam ròn
Tha mi mòrail nam thìr fhèin.
“Tìr-fo-Thuinn mo dhachaigh dhùint’
Innis dhùthchasach nan ròn;
Caidlidh mi air leacan sàil’,
Mi fhìn ’s mo bhàn-chuilean òg.”
A Bhana-phrionns’ a’ chuain shiar,
A bheil sgeul agad ri luaidh?
Nach inns thu dhuinn mar a bha
Mun do ghabh sibh tàmh sa chuan?
“Chaidh na geasan a chur oirnn
Rè ar beò-bhith le luchd-fuath,
’S ged a tha sinn snàmh nan caol
’S e nàdar daonnd’ tha dhuinn dual.
“Aig tràth-marbh air oidhche fèill
Tilgidh sinn ar bèin air tràigh,
’S cluichidh sinn nar n-òighean suairc’
A’ crathadh ar cuaillean bàn.
“Ach a-nochd tha mi nam ròn
Air an lic an còrs’ a’ chuain:
’S e mo nàdar bhith toirt gaol,
’S do chlann-daoine thug mi luaidh.”
[Ann an Caolas Od Odrum:]
Ann an Caolas Od Odrum far an coidleadh an ròn,
is far nach cluinnte guth duin’ ach fuaim tuinne ’s glog geòidh
Muime 'g altram a pàistean 's i gan tàladh gu ciùin,
gu bheil tulgadh nan cuantan ga sìor luasgadh nan suain.
Hion da hion do hion da odar da
Hion da hion do hion da odar da
Hì o dan dao, hì o dan dao,
Hì o dan dao odar da, odar da
Muime 'g altram a pàistean 's i gan tàladh gu ciùin,
gu bheil tulgadh nan cuantan ga sìor luasgadh nan suain.
An ròn rìoghail a' gusgail, 'n eala guileag ri thaobh,
a' mhaighdeann-mhara ’s i bruadar anns an uaigneas air laoch.
Hion da hion do hion da odar da
Hion da hion do hion da odar da
Hì o dan dao, hì o dan dao,
Hì o dan dao odar da, odar da
An ròn rìoghail a’ gusgail, ’n eala guileag ri thaobh,
a’ mhaighdeann-mhara ’s i bruadar anns an uaigneas air laoch.
Ann an Caolas Od Odrum far an coidleadh an ròn,
is far nach cluinnte guth duine ach fuaim tuinne ’s glog geòidh.
Hion da hion do hion da odar da
Hion da hion do hion da odar da
Hì o dan dao, hì o dan dao,
Hì o dan dao odar da, odar da